Dòigh Ùr air Tabhartas Tro Facebook

Tha am feart fhathast aig ìre deuchainn, ach tha Facebook air dòigh ùr a leasachadh airson daoine a thoirt do bhuidhnean neo-phrothaideach. Leigidh Donate, am feart ùr-chruthaichte, le daoine cur gu dìreach ri neo-phrothaidean tro Facebook.

 

Is dòcha gu bheil putan tabhartais aig a’ bhuidheann agad mu thràth air an duilleag Facebook aca, ach chaidh sin a chruthachadh tro app agus a ruith tro reiceadair bhon taobh a-muigh mar PayPal no Network for Good. Chan fhaicear am putan sin ach ma thadhlas neach air duilleag na buidhne agad.

 

Nochdaidh am feart Donate ri taobh Posts anns an News Feed agus aig mullach Duilleag Facebook nam buidhnean a tha an sàs ann. Le bhith a’ briogadh air “Donate Now” faodaidh daoine sùim a thaghadh airson a thoirt seachad, am fiosrachadh pàighidh aca a chuir a-steach, agus tabhartas a thoirt don adhbhar sa bhad. Bidh roghainn aca cuideachd am post neo-phrothaideach a cho-roinn leis na caraidean aca còmhla ri teachdaireachd mu carson a thug iad seachad tabhartas.

 

Thathas an-dràsta a’ dèanamh deuchainn air an fheart agus ga leasachadh le dòrlach de bhuidhnean. Faodaidh buidhnean neo-phrothaideach sam bith aig a bheil ùidh am feart ùr seo a chleachdadh air Facebook am foirm ùidh Tabhartas a lìonadh ann an Ionad Cuideachaidh Facebook.