Faodaidh bailtean-mòra uaine taic a thoirt do dh'fhàs eaconamach

Tha na Dùthchannan Aonaichte (UN) air aithisg fhoillseachadh a sheallas gum faod bun-structar bailteil baile-mòr fàs eaconamach a chumail suas fhad ‘s a tha iad a’ cleachdadh nas lugha de stòrasan nàdarra.

Bha an aithisg 'City-Level Decoup-ling: Urban Resource Flows and the Governance of Infrastructure Transitions' a' gabhail a-steach trithead cùis a sheall na buannachdan bho bhith uaine. Chaidh an aithisg a chur ri chèile ann an 2011 leis a’ Phannal Ghoireasan Eadar-nàiseanta (IRP), a tha air a chumail le Prògram Àrainneachd na DA (UNEP).

Tha na co-dhùnaidhean a’ sealltainn gu bheil tasgadh ann am bun-structaran seasmhach agus teicneòlasan a tha èifeachdach a thaobh ghoireasan ann am bailtean-mòra a’ toirt cothrom fàs eaconamach a lìbhrigeadh, le ìrean nas ìsle de dh’ ìsleachadh àrainneachd, lùghdachadh bochdainn, sgaoilidhean gasa taigh-glainne nas ìsle agus sunnd nas fheàrr.