Patagonia – A’ fàs an Fhraoich

Chan eil Patagonia a’ maoineachadh ach obair àrainneachd. Tha an ùidh as motha aca ann a bhith a’ toirt seachad tabhartasan do bhuidhnean a tha a’ comharrachadh agus ag obair air na prìomh adhbharan airson duilgheadasan agus a bhios a’ dèiligeadh ri cùisean le dealas airson atharrachadh fad-ùine. Leis gu bheil iad den bheachd nach tachair fìor atharrachadh ach tro ghluasad làidir aig an ìre ionadail, tha maoineachadh ag amas air buidhnean a thogas bunait làidir de thaic do shaoranaich.

 

Tha a’ mhòr-chuid de thabhartasan eadar $3,000- $8,000. Ma tha an obair agad a’ freagairt air na stiùiridhean aca, thathar a’ cur fàilte air a’ mholadh agad rè mìos an Lùnastail.